Goireasan Gàidhlig a ghabhas luchdachadh a-nuas is a chleachdadh air a’ bhlàr a-muigh, aig an taigh no san t-seòmar-teagaisg.
Tha sinn air grunn ghoireasan feumail a chruthachadh airson cleachdadh san t-seòmar-teagaisg no air a’ bhlàr a-muigh. Is iad:
Rùrachd Chùramach – prionnsabalan bunasach
’S e rùrachd dòigh mhath agus fhallain airson tlachd a ghabhail às an àrainneachd nàdarraich. Tha uiread de dhaoine a bhios a’ dol an sàs ann an rùrachd a’ sìor dhol am meud, agus iad a’ cur ris na ghabhas iad mar bhiadh le stuth a tha nàdarrach, blasta agus beathachail.
Tha sinn ag iarraidh gum faigh thu tlachd gu leòr às do chuid rùrachd ach cuideachd gun dèan thu i ann an dòigh a ghabhas cùram dhen àrainneachd agus de dhaoine eile a bhios a’ cleachadh an aon àite.
Rùrachd Lusan Fiadhain
Seo cuid de na lusan a ghabhas cruinneachadh agus ithe ann an Alba. Chan eil feadhainn phuinnseanta nam measg – feumaidh sibh dèanamh cinnteach gun urrainn dhuibh an fheadhainn phuinnseanta aithneachadh agus a sheachnadh. Agus dèanaibh cinnteach gun cruinnich sibh lusan ann an dòigh a tha so-sheasmhach.
Fhuair an leabhar-iùil seo taic bho Bhòrd na Gàidhlig mar phàirt de phròiseact rùrachd anns an deach cànan is cultar nan Gàidheal agus an dlùth-cheanglaichean ri nàdar a thaisbeanadh.
Cairtean aithneachaidh
Cuidichidh na cairtean seo gus lusan aithneachadh air a’ bhlàr a-muigh. Tha stiùireadh ann air càite an lorgadh na diofar sheòrsaichean de lusan is dè mar a ghabhas an cleachdadh no an ithe.
Lusan Laghach (goireas sgoile)
Tha na ceanglaichean Gàidhealach ri nàdar air an comharrachadh anns na goireasan teagaisg seo bho NatureScot.
Chaidh na goireasan tarraingeach seo a chruthachadh sa Ghàidhlig an toiseach, mus deach an tionndadh Beurla Food from Nature a dhèanamh. Sgrìobh Alasdair Mac an Tàilleir an leabhar-iùil agus rinn Rosie Balyuzi na dealbhan dathach. Tha stiùireadh is gnìomhan spòrsail ann do thidsearan a bu mhiann leasanan rùrachd a thoirt seachad ann an dòigh chùramach, shàbhailte.
Thathar a’ moladh gun cleachdar na stuthan seo còmhla ris an leabhar-iùil Rùrachd Lusan Fiadhain.
Pròiseact Silidh Callaid
Tha am pròiseact seo na chom-pàirteachas ri Urras nan Coilltean an Alba, stèidhichte air a’ mholadh is reasabaidh aig Pam Rodway.
Gheibh bun-sgoiltean a tha airson pàirt a ghabhail ann:
- pasgan callaid, gu leòr airson 8 meatair de challaid mheasgaichte, is stiùireadh airson cur nan craobhan;
- goireasan teagaisg (Beurla / Gàidhlig) agus
- postairean (Beurla / Gàidhlig) A2 is A3 air am bi reasabaidh silidh callaid.
Tha Pam air an silidh seo a dhèanamh gach bliadhna fad 40 bliadhna, a’ cur chraobhan às bith càite am biodh i fhèin is an duine aice a’ fuireach aig an àm. Rè na h-ùine seo, tha i air tòrr cloinne a chur an aithne bith-iomadachd na callaide is mar a nì iad silidh callaid.
Bu chòir do sgoiltean a tha airson phàirt a ghabhail sa phròiseact fios a chur gucrofting@woodlandtrust.org.uk
Reasabaidhean
Reasabaidhean sìthne
Stiubha Feòil Coineanaich
Stiubha blàth, blasta agus furasta a ghabhas atharrachadh gu furasta a rèir do thoil fhèin.
Stiubha Feòil-coineanaich
Coiridh Feòil-geòidh le Sgoil Lìonacleit
Coiridh Feòil-geòidh le Sgoil Lìonacleit
Reasabaidhean rùrachd
Leathar Measach
’S e measan tiormaichte, mar siota tana a ghabhas cagnadh, a th’ ann an leathar measach.
Leathar Measach
Silidh Chaoran
Bidh caoran dearga na craoibhe-caorainn a’ taisbeanadh boillsgeag dhearg dhuinn as t-fhoghar.
Silidh Chaoran
Burgar Luibheanach
Burgar furasta, blasta a tha làn glasraich fhallainn, fhiadhan.
Burgar Luibheanach
Mìlsean-Mara
Uair dha robh saoghal bhite a’ reic mìlsean-mara air an t-sràid mar ghreim bidhe.
Mìlsean-Mara
Pesto Dheanntagan
Deanntagan an lùib pesto blasta – math le pasta no airson sabhs.
Pesto Dheanntagan
Sùgh Dromain
Dèan cinnteach gum fàg thu flùraichean gu leòr air a’ chraoibh.
Sùgh Dromain